Saobhaidhean na Gàidhealtachd

Tha Ruairidh MacIlleathain a’ toirt sùil air an eileamaid saobhaidh ann an ainmean-àite na Gàidhealtachd.

Leugh ann am Beurla / Read in English

Math dh’fhaodte gun cuir e iongnadh air luchd na Beurla cho tric ʼs a tha an eileamaid saobhaidh (no sadhbhaidh mas fheàrr leibh) a’ nochdadh air aghaidh na tìre air Gàidhealtachd na h-Alba. Bu toigh leam gum bite a’ rannsachadh na h-eileamaid oir tha dùil anns an fharsaingeachd gum buin i don t-sionnach no madadh-ruadh. Ge-tà, ann am faclair Dwelly, ʼs e dìreach an dàrna ciall a tha ag ainmeachadh an t-sionnaich; ʼs e a’ phrìomh chiall ‘dachaigh aig beathach fiadhaich’. ʼS dòcha, ge-tà, gun robh saobhaidh a bha mu dheireadh le sionnaich a’ fuireach innte uaireigin le madaidhean-allaidh (no eadhon mathain anns an fhìor sheann aimsir?) mus deach am madadh mòr à bith anns na 17mh gu 18mh linn.

Tha dùil nach eil gu leòr de na h-ainmean le saobhaidh annta ro shean agus gun do nochd iad ann am pailteas ann an co-cheangal ri teachd na caorach tràth san 19mh linn. Bha e riatanach an uair sin gum biodh fios aig cìobairean far am biodh na ‘balgairean’ am falach – ach math dh’fhaodte gun cuir rannsachadh solas a bharrachd air a’ ghnothach. Tha e inntinneach nach eil saobhaidh a’ nochdadh mar cheann-fhacal anns na faclairean Gàidhlig as sine. Mar eisimpleir, tha Armstrong (1825) a’ toirt dhuinn na leanas mar cho-ionann ris a’ Bheurla ‘den’: uamh, uagh, uamhaidh, uaghaidh, sloc, slochd, còs, toll, garaidh, broc-luinn agus fuathais. Chan eil sgeul air saobhaidh (ged a nochdas e anns an Dictionarium Scoto-Celticum aig Comunn Gàidhealach na h-Alba ann an 1828). Leis cho pailt ʼs a tha saobhaidh air na mapaichean a chaidh a dhèanamh beagan deicheadan an dèidh gun do nochd faclair Armstrong (nas pailte na facal sam bith eile airson na leithid), ʼs fhiach rannsachadh a dhèanamh air sin.

Tha am facal boireanta agus gu tric bidh e a’ nochdadh na riochd ghinideach shingilte mar (na) saobhaidh no (na) saobhaidhe mar anns an ainm-àite Càrn na Saobhaidh. Tha eisimpleirean dheth eadar am Monadh Liath agus Ros an Iar.

Càrn na Saobhaidhe anns a’ Mhonadh Liath sear air Loch Nis. Tha tuath-gaoithe mòr anns an àite seo a-nise. Math dh’fhaodte nach bu chòir sin a bhith na iongnadh nuair a chithear ainm na beinne eile air a’ mhapa – Càrn Ruighe na Gaoithe! Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Tha Cnoc na Saobhaidhe ann an Dùthaich nam Boglaichean ann an Gallaibh. Faisg air làimh, tha Allt na Saobhaidhe agus Loch Mhadadh; a bheil an dàrna ainm sin a’ buntainn ris a’ mhadadh-ruadh no madadh-allaidh? Tha cruinneachadh de dh’ainmean-àite le saobhaidh faisg air Loch Airceig ann an Loch Abar, a’ gabhail a-steach Coire nan Saobhaidh, Meall Coire nan Saobhaidh agus sruthan gu h-àrd anns a’ mhonadh air a bheil Feadan nan Saobhaidh. Tha an riochd ginideach iolra nas àbhaistiche air a shealltainn ann an Cnoc nan Saobhaidhean faisg air Caol Mhuile ann am Morbhairne. Agus faisg air Sìldeag ann an Ros an Iar tha trì ainmean le saobhaidh ri taobh a chèile – Meall na Saobhaidhe, Slios Meall na Saobhaidhe agus Creag na Saobhaidhe.

Ann an Asainte, fo sgàil na Sàile Gairbhe a tha mar phàirt dhen bheinn mhòir ris an canar A’ Chuinneag, tha ceàrnaidh ann air a bheil An t-Saobhaidh Mhòr (tha e a’ nochdadh gun alt mar Saobhaidh Mhòr air mapaichean na Suirbhidh Òrdanais). Tha an SÒ a’ dearbhadh gu bheil an t-ainm a’ ciallachadh ‘large fox-den’. Tha fhios gum biodh sionnaich (agus ainmhidhean eile?) a’ lorg fasgadh an sin am measg nan clachan a chaidh fhàgail ann leis na h-eigh-shruthan. A’ sruthadh tron cheàrnaidh sin tha allt air a bheil Allt na Saobhaidh Mòire a’ dearbhadh gum bu chòir don alt a bhith mar phàirt dhen ainm mhòr.

Làimh ris na Sàile Gairbhe ann an Asainte, tha àite ann air a bheil an t-Saobhaidh Mhòr mar ainm. Tha an t-Suirbhidh Òrdanais ga cheangal ris a’ mhadadh-ruadh. Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Os cionn Gleann Doire anns a’ Mhonadh Ruadh, tha Coire na Saobhaidh. Cuideachd ann an Siorrachd Obar Dheathain tha coire eile dhen aon ainm air leathaidean tuatha Beinn nan Cìochan agus, nas fhaide deas tha Coire na Saobhaidhe air Beinn (a’) Chùirn anns na Tròisichean. Tha an t-ainm sin inntinneach oir ʼs e an ath choire gu tuath air Coire nan Sionnach. ʼS e ainm-àite eile air leth inntinneach Druim na Saobhaidhe, faisg air Loch a’ Bhraoin ann am Frìth Inbhir Lathail ann an Ros an Iar. Tha e faisg air grunn ainmean eile le ‘madadh’ – Coire a’ Mhadaidh, Allt Coir’ a Mhadaidh, Gleann a’ Mhadaidh agus Allt Gleann a’ Mhadaidh. Chan eil e soilleir am buin na h-ainmean seo don mhadadh-ruadh no madadh-allaidh.

An dùthaich gharbh sear air Loch Beoraid ann an Loch Abar. ʼS e am meall clì air a’ bhealach ann am meadhan an deilbh Meall Coire na Saobhaidh. Faisg air far an deach an dealbh a thogail, lorg an t-ùghdar saobhaidh anns an robh cnàmhan agus pìos de bhian – fianais gun robh sealgair mar shionnach no cat-fiadhaich a’ dèanamh a dhachaigh ann. Dealbh © R. Maclean

Tha an eileamaid sròn co-cheangailte ri saobhaidh ann an grunn àiteachan. Tha Sròn Saobhaidhe ann an Gleann Ìle ann am Monadh Aonghais, agus tha Sròn na Saobhaidh am measg nam beann ann an Gleann Taitneach tuath air Gleann Sìth. Tha Sròn na Saobhaidh eile air cladach Loch Shuaineart agus tha eisimpleirean eile de a leithid ann an Loch Abar, Earra-Ghàidheal agus Ros an Ear.

Tha lochan againn a tha ainmichte airson a bhith faisg air saobhaidhean. Tha eisimpleirean ann an Loch na Saobhaidhe air Bràigh Chataibh agus fear eile dhen aon ainm ann an Dùthaich nam Boglaichean. Tha Lochan na Saobhaidhe os cionn Gleann Iubhair ann an Lathairne, Earra-Ghàidheal, agus tha lochan eile dhen aon ainm ri taobh Tom na Saobhaidhe siar air Drochaid Urchaidh. Ach ʼs dòcha gur e an t-ainm-àite as annasaiche le saobhaidhSaobhaidhean Craobh Chaorann SÒ (Saobhaidhean Chraobh-chaorainn?) ann am Frìth Ghadhaig ann am Bàideanach. Bhiodh e inntinneach faighinn a-mach a bheil sionnaich fhathast a’ fuireach ann agus ma tha craobh-chaorainn sam bith air fhàgail ann an-diugh.

Bha am bloga seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in Folklore, Gaelic, History, NatureScot, Placenames and tagged , , , , , . Bookmark the permalink.