Tòmas Garnett agus Ìnnsean Loch Laomainn

Tha ainmean-àite iongantach an locha bhrèagha seo a’ tighinn beò ann an seann chunntas bho 1798.

Read in English / Leugh ann am Beurla

Na bheatha ghoirid (1766-1802), rinn Tòmas Garnett, a bhuineadh do Westmoreland ann an Sasainn, gu leòr. A bharrachd air a bhith na bhall ann an grunn chomann cliùiteach ann an Alba, Sasainn agus Èirinn, dh’èirich e a bhith na Àrd-ollamh de Fheallsanachd Nàdarrach agus Ceimigeachd ann an Institiud Rìoghail Bhreatainn agus bha fèill mhòr air mar òraidiche. Tha e cudromach ann an dualchas nan Gàidheal oir sgrìobh e leabhar ann an dà phàirt air an robh ‘Observations on a Tour through the Highlands and part of the Western Isles of Scotland’. Thug e sùil gheur air a’ Ghàidhealtachd agus rinn e soilleireachadh air a’ bhochdainn anns an robh na Gàidheil beò aig an àm. Sgrìobh e gun robh e airson an saoghal a dhèanamh nas fheàrr agus gun robh e coma ged a chuireadh e cais air feadhainn a bh’ ann an suidheachadh cumhachdach.

Dh’fhàg Garnett Glaschu air 9 Iuchar 1798 agus chaidh e sìos Abhainn Chluaidh an toiseach, an uair sin gu ruige Loch Laomainn. Anns a’ bhloga seo, bheir mi sùil air a bheachdan air an loch agus gu seachd àraidh air na h-eileanan brèagha a tha pailt ann – agus an ainmean.

B’ e a’ chiad eilean ann an Loch Laomainn dhan deach Garnett agus a chompanach – fear-ealain òg air an robh ‘Mr Watts’ – Inchtavannach a tha faisg air Lus, baile far an deach iad a chèilidh air an Oll. Urr. Iain Stiùbhart, fear foghlamaichte a bha an sàs ann an eadar-theangachadh an t-Seann Tiomnaidh gu Gàidhlig (b’ e athair a chùm stiùir air eadar-theangachadh an Tiomnaidh Nuaidh ginealach roimhe). Bha leas air leth aig a’ mhinistear, anns an robh an t-uabhas lusan tearc, a’ gabhail a-steach feadhainn ailpeach bho air feadh na Gàidhealtachd.

Chuir Mgr Stiùbhart bàta agus fear-bàta air dòigh airson na siùbhlaichean a thoirt a-mach gu Inchtavannach. ʼS e eilean mòr a th’ ann ach cha robh duine a’ fuireach ann – bha e còmhdaichte le coille agus fraoch. Le taic a’ mhinisteir, tha Garnett ag innse dhuinn, le fìrinn, gu bheil an t-ainm a’ ciallachadh ‘the island of the monk’s house’ (Innis Taigh a’ Mhanaich ann an Gàidhlig). Tha e co-cheangailte ri Naomh Ceasag ann am beul-aithris.

Cruinneachadh de dh’eileanan, air an ainmeachadh le ‘innis’, aig ceann a deas Loch Laomainn. ʼS e mearachd a th’ ann an ‘Clairiach’ deas air Inchcailloch (Innis Cailleach); ʼs e Clairinish a th’ air mapaichean an latha an-diugh (bho Clàr Innis no ‘eilean còmhnard’). Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Gheibhear sealladh air leth bho Thom nan Clag, am mullach às àirde anns an eilean, agus chunnaic Garnett a’ chuid as motha de dh’eileanan an locha. Gu deas bha Inchmurrain no Innis Mearain, a th’ air ainmeachadh airson naomh an t-siathamh linn (a tha cuideachd co-cheangailte ri Pàislig). Bha an t-eilean aig an àm sin le Diùc Mhontròis, ged a tha Garnett ag innse dhuinn gun robh tobhta de sheann chaisteal ann a bha uaireigin na dachaigh do Iarlan Leamhnachd. Don ear-thuath air seo, tha sreath de cheithir eileanan, le Inchcailloch as fhaide a-mach. ʼS e seo Innis Cailleach agus tha Garnett ga eadar-theangachadh (gu ceart) mar ‘isle of Nuns’. Tha e co-cheangailte ri Naomh Caintigern a chaochail ann an 773 AC. Bha taigh chailleachan-dubha aice anns an eilean. A bharrachd air a bhith coillteach (rud a tha fìor fhathast), bha daoine a’ fuireach ann an Innis Cailleach ri linn Gharnett agus bha cruithneachd agus coirce gu leòr air fhàs ann.

Bidh an leughadair a tha rudeigin eòlach air ainmean-àite a’ mothachadh gur e am facal innis as motha a nochdas airson ‘eilean’ ann an Loch Laomainn. ʼS e facal àrsaidh a th’ ann a tha ri fhaicinn ann an Gàidhlig na h-Èireann cuideachd; tha am facal Cuimris ynys càirdeach dha. Cuideachd ann an Loch Laomainn, tha òrdugh nan eileamaidean ann an cuid de na h-ainmean-àite eadar-dhealaichte bho nòs an latha an-diugh, agus innis a’ tighinn aig deireadh sreatha seach aig an toiseach. ʼS iad na trì eileanan beaga eile aig ceann a deas an locha Creinch (Craobh Innis) a bha còmhdaichte le coille dharaich ann an 1798 (tha Garnett a’ sgrìobhadh an ainm mar ‘Grange’, a’ sealltainn mar a bhathar ga fhuaimneachadh), Torrinch (Tòrr Innis) agus Clairinch (Clàr Innis); ʼs e Inch-Clear no Innis Clàir a th’ aig Garnett, ge-tà, seach Clairinch.

Tha Garnett a’ toirt seachad beachd inntinneach mu eilean bìodach faisg air bun Uisge Eunaraig aig ceann an earra-dheas Loch Laomainn. Air mapaichean an latha an-diugh, ʼs e Aber Isle a th’ air ach tha Garnett ga ainmeachadh Inch-Aber (Innis Abair). Tha e a’ cumail a-mach gur e facal Gàidhlig, seach Breatannach, a th’ ann an aber ach gabhaidh sin tuigsinn leis mar a chaidh an t-ainm-àite a chruthachadh (agus, tha fhios, le comhairle bhon Urr. Stiùbhart). Math dh’fhaodte gun robh aber air a thoirt a-steach don Ghàidhlig mar fhacal-iasaid airson greis, ged a tha an sgoilear Uilleam MacBhàtair ag innse dhuinn nach eil e a’ nochdadh ann an litreachas Gàidhlig no ann an cainnt àbhaisteach agus gun do ghabh an eileamaid Ghàidhlig inbhear àite o chionn fhada.

Tha an eileamaid inbhear (no inbhir) a’ nochdadh ann am fear de dh’eileanan Loch Laomainn – Inveruglas Isle aig ceann a tuath an locha. Tha seo ainmichte airson Inveruglas no Inbhir Dhubh-ghlaismouth of the dark stream’ air tìr-mòr faisg air làimh.

Dìreach gu tuath air Innis Cailleach tha Inchfad no An Innis Fhada (tha e fada agus caol). Tha còig ‘ìnnsean’ suidhichte eadar an Innis Fhada agus Innis Taigh a’ Mhanaich. ʼS iad Inchcruin no An Innis Cruinn (thathar a’ smaoineachadh gu bheil an t-ainm a’ buntainn ri rubha cruinn air cladach sear an eilein). Nuair a bha Garnett anns an sgìre cha robh coille ann agus bha ‘taigh-cuthaich’ ann. Gu siar air sin, tha Inchmoan no Innis Mòna, às am faigheadh muinntir Luis connadh airson an dachaighean. Gu tuath air seo tha Inchconnachan no Innis Chonachain ‘Colquhoun’s isle’ a bha ‘còmhdaichte le daraich agus giuthais’. ʼS iad an dà eilean eile anns a’ chròileagan seo Bucinch (Boc[-gobhair] Innis) agus Inch Galbraith a tha na crannaig a bha uaireigin ann an làmhan nan Galbraiths (Clann ʼic a’ Bhreatannaich).

Chan eil ainm Inchmoan a’ buntainn ri a tràigh bhrèagha ach ri a poll mònach às am faigheadh muinntir Luis mòine (’s e Innis Mòna a th’ againn air ann an Gàidhlig). Air a cùlaibh tha dà eilean choillteach – Innis Taigh a’ Mhanaich agus Innis Chonachain. © R. MacIlleathain

Gu tuath air na h-eileanan seo, agus gu sear air Lus, tha eilean mòr air a bheil Inchlonaig, agus aig a bheil eachdraidh agus àrainneachd air leth. Mhothaich Garnett gun robh leth dheth air a chòmhdachadh le ‘coille nàdarrach de chraobhan-iubhair, cuid dhiubh air leth mòr. Nuair a bhathar a’ cur feum air boghachadh is sàigheadan, bha luach mòr air an eilean seo agus bha na craobhan air an dìon gu cùramach.’ A rèir beul-aithris, b’ e Raibeart am Brusach a dh’òrdaich craobhan iubhair a bhith air an cur gus am biodh boghachan gu leòr aig na boghadairean rìoghail. Thathar a’ dèanamh dheth gur e ainm tùsail an eilein Innis Lònaig (le lònag a’ ciallachadh ‘màgh beag bog’).

Tha Inchfad (An Innis Fhada) ann am meadhan an deilbh, mar a chithear i à Inchcailloch (Innis Cailleach). Air a cùlaibh tha Bucinch (Boc Innis, clì) agus Inchlonaig (Innis Lònaig). Deas air Boc Innis, tha eilean bìodach air a bheil Ceardach (A’ Cheàrdach) mar ainm. Tha dùil gun robhar ag obair le meatailt an sin. © R. MacIlleathain

Ged a tha a’ chuid as motha de dh’ainmean eileanan Loch Laomainn stèidhichte air innis, tha grunn ann a tha stèidhichte air an eileamaid eilean. Tha dùil nach eil iad cho sean ris na ‘h-ìnnsean’; gu h-inntinneach tha feadhainn dhiubh a’ dèanamh iomradh air craobhan no lusan eile. Faisg air an Innis Fhada, tha Eilean Darach agus faisg air Lus tha Eilean Daraich. Cuideachd làimh ri Lus, tha Eilean na h-Aon Chraoibhe agus Fraoch Eilean. Gu tuath, faisg air Rubh’ Àird Eònain, tha Eilean Deargannan. Tha sin coltach ri ‘island of fleas’, ged a tha cuid dhen bheachd gu bheil deargan a’ buntainn ri stuth dathaidh a bhathar a’ cruinneachadh an sin no eadhon ri dath an fhraoich nuair a tha e fo bhlàth; bhathar a’ gabhail dearg air an dath sin anns an t-seann aimsir, seach purpaidh.

ʼS e fear de na h-ainmean eileanach as iongantaiche ann an Loch Laomainn Island I Vow (no Eilean Vow) faisg air ceann a tuath an locha. Tha am blogair seo dhen bheachd gu bheil e a’ riochdachadh Eilean a’ Bhogha, le bogha a’ ciallachadh ‘clach no sgeir a tha fon uisge fad na h-ùine’. Air tìr-mòr na h-Alba, tha bogha air fhuaimneachadh ‘BOW’ ann an grunn àiteachan. Tha seann chlàr-uisge a’ sealltainn clach aig doimhneachd dìreach dà throigh làimh ri cladach an ear an eilein – ann an uisge a tha an ìre mhath domhainn timcheall oirre. Bhiodh muinntir an àite ag aithneachadh na leithid de chunnart, gu h-àraidh Clann ʼic Phàrlain aig an robh daingneach anns an eilean.

Bha Tòmas Garnett air a bheò-ghlacadh le bòidhchead agus iomadachd nàdarrach Loch Laomainn agus a chuid eileanan, agus e ag ràdh gun robh an loch am measg nan àiteachan as tarraingiche ann am Breatainn. Gun teagamh, ʼs e àite air leth a th’ ann agus cha mhòr nach eil e gun samhail, agus e làn eileanan ainmichte leis an eileamaid innis. Ge-tà, mar a chì sinn ann am bloga eile an ceann sreatha, chan eil e uile-gu-lèir gun samhail!

Bha am bloga seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in Gaelic, History, Placenames and tagged , , , . Bookmark the permalink.