Gearran Cruth-atharrachail na Gàidhealtachd

Read in English / Leugh ann am Beurla

Anns na linntean ro thelebhisean no eadhon cumhachd an dealain, bha ar sinnsirean gu math measail air dubh-fhaclan. Seo fear co-cheangailte ri nàdar:

Chì mi thugam air a’ bheinn,

Fear beag ’s beum na shròin,

Dà fhiacail fhada na chìr

Is cirb de bhlòigh na thòin.

B’ e obair muinntir an taigh-chèilidh ciall a dhèanamh dhen dubh-fhacal. Tha mi cinnteach gu bheil e agaibh – ’s ann air a’ gheàrr a tha e a-mach – ainmhidh a nochdas gu tric ann am beul-aithris nan Gàidheal.

Tha mi a’ gabhail geàrr air a leithid de mhamail, mar a bhios gu leòr eile (thig sinn gu maigheach nas fhaide air adhart), ach ’s dòcha nach eil e follaiseach gur e giorrachadh a th’ ann dhen abairt geàrr-fhiadh, a’ ciallachadh ‘fiadh beag’ agus a chithear ann an seann fhaclairean. Tha mar a thathar a’ dèanamh ceangal leis an fhiadh inntinneach oir tha an dà ghnè seo air an aithneachadh mar chreutairean a ghabhas ri cruth-atharrachadh ann am beul-aithris. Tro chruth-atharrachadh, thèid daoine (mar as trice boireannaich) ann an riochd gearra no fèidh. Taobh a-muigh muinntir nan ròn air cladaichean an taoibh siar, ’s e an t-aon mhamail eile air an tig cruth-atharrachadh – an cat. Nuair a nì sinn iomradh air a’ chat-fhiadhaich a bheil sinn a-mach a-mhàin air a nàdar no a bheil sinn ag aithneachadh cruth-atharrachadh le ‘fiadh’ anns an ainm?

Geàrr-dhonn ©Lorne Gill/NàdarAlba

Ann an aon eisimpleir (de mhòran) de chruth-atharrachadh, thathar ag ràdh gun robh bana-bhuidseach a’ fuireach ann am bothag faisg air Baile a’ Chlaidh ann an sgìre Lathairn ann an Gallaibh. B’ e a frith-ainm Am Fitheach (eun le buadhan os-nàdarrach) oir bha boireannach à Meaghrath ann an ceann an iar-thuath Ghallaibh air a dhol a Bhaile a’ Chlaidh airson comhairle fhaighinn bhon tè a bha a’ fuireach ann. Ge-tà, nuair a ràinig an tè-siubhail a ceann-uidhe, an àite a bhith a’ lorg boireannach, ’s ann a thachair i ri fitheach a bha a’ ràcadh an fheòir le fraoch, feuch geas air choreigin a chur an sàs. Bha muinntir an àite a’ coireachadh na bana-bhuidsich sin airson an crodh-bainne a bhith seasg oir chunnaic iad geàrr nam measg. Dh’fheuch iad fhèin agus an cuid chon ris a’ gheàrr a ghlacadh ach dh’fhàilnich orra oir bhiodh i a’ teicheadh mar an donas (agus cho luath ri geàrr!) don chladh.

Len cuid ime agus càise a’ fàs tearc, chuir duine ribe an sàs, agus e ceangailte ris an talamh le cipeanan a bh’ air an dèanamh de dh’fhiodh caorainn, oir bha fios aige gum biodh am fiodh sin a’ dìon gach rud an aghaidh droch bhuidseachd. Chaidh geàrr a ghlacadh ach nuair a ràinig an duine an ribe, bha i air a dhol ann an riochd boireannaich – a’ bhana-bhuidseach fhèin. Aig a’ cheann thall, dh’fhàg a’ bhana-bhuidseach Gallaibh ach thàinig droch fhortan air an duine a ghlac i agus chaidh a bhàthadh ann an Uisge Theòrsa. Beagan deas air an làraich-thaighe aice tha Cnoc na Gearra, ged nach urrainn dhomh a ràdh a bheil an t-ainm ceangailte rithese ann an dòigh sam bith. Agus ’s e an cnoc as fhaisg’ air an taigh aice An Sìthean Mòr (Sidhean Mòr SO) – àite far am bite an dùil gum biodh gnothaichean os-nàdarrach a’ tachairt.

Ged a thathar ag ràdh gun do mhair Bana-bhuidseach Bhaile a’ Chlaidh beò, ann am mòran sgeulachdan is naidheachdan dhen t-seòrsa, bhite a’ cur peilear airgid anns a’ bhana-bhuidsich nuair a bha i ann an riochd gearra. Agus tha sgeulan ann mu ghearran a chaidh a leòn air an oidhche agus mar a lorgadh boireannach sa mhadainn air an robh an dearbh lot. Math dh’fhaodte gur e mar a bhiodh daoine a’ creidsinn gun robh a’ gheàrr os-nàdarrach as coireach nach biodh na Gàidheil, a rèir choltais, gan ithe ro thric.

Gu cinnteach, bhiodh na seann Ghàidheil Ghallach a’ cantainn geàrr (seach maigheach), oir tha Sìthean na Gearra ann am meadhan Dùthaich nam Boglaichean agus tha Creag nan Geàrr ann am Monadh a’ Bhràigh Mhòir ann an ceann an earra-dheas na siorrachd, làimh ri crìoch Chataibh. Ge-tà, anns an dàrna cùis seo, chithear Creag nam Maigheach faisg air Creag nan Geàrr air mapaichean SO an latha an-diugh. Chan eil e ro choltach gum biodh muinntir an àite a’ cleachdadh dà fhacal eadar-dhealaichte airson an aon ainmhidh, agus tha na seann mhapaichean a’ sealltainn dhuinn gur e Creag nam Muthach a bh’ air Creag nam Maigheach. Tha Faclair Dwelly ag innse dhuinn gu bheil muthach a’ ciallachadh ‘buachaille’. Tha maigheach – a tha a’ tighinn bhon fhacal magh ‘raon còmhnard’ – a’ nochdadh cuideachd mar moigheach ann an cuid de dh’àiteachan.

Gu siar air an sgìre seo, thathar ag ràdh geàrr cuideachd ann an Dùthaich MhicAoidh, agus tha am faclair a rinn Roy Wentworth mu dhualchainnt Gheàrrloch ag innse dhuinn gur e geàrr a chanar an sin, ged a thuigear moigheach cuideachd. Ann an Gleanna Garadh, tha Dieckhoff ag innse dhuinn gur e geàrr a bh’ aca. Ge-tà, tha Raibeart Armstrong, a bhuineadh do Shiorrachd Pheairt, a’ toirt dhuinn maigheach, moigheach agus geàrr-fhiadh anns an fhaclair aige (air fhoillseachadh ann an 1825).

Ann an ainmean-àite faodar a dhol ceàrr le ainmean anns a bheil gearran oir dh’fhaodadh iad a bhith a’ dèanamh iomradh air eich bheaga no air a’ mhaighich. Anns na Leabhraichean Ainm aca, tha an t-Suirbhidh Òrdanais ag ràdh gum buin a’ chuid as motha de na h-ainmean sin, leithid Meall nan Gearran agus Coire nan Gearran eadar Gleanna Garadh agus Gleann Moireasdain, do dh’èich’; mar an ceudna do Cruach nan Gearran faisg air Loch Fìne ann an Earra-Ghàidheal. Air an làimh eile, ’s e a’ gheàrr a tha ainmichte ann an Càrn nan Gearran Bàna eadar Gleann Srath Fharair agus Gleann Oirrinn. A bharrachd air sin, tha àiteachan ainmichte le maigheach anns an tuiseal ghinideach iolra. Is aithne dhomh trì mill air a bheil Meall nam Maigheach – a dhà dhiubh ann an Siorrachd Pheairt faisg air Gleann Lìomhann agus fear eile aig ceann a tuath Àird Ghobhar.

Tha Càrn nan Gearran Bàna ag ainmeachadh na gearra-bàine a bhios a’ tighinn beò gu h-àrd sa mhonadh. Tha e tuath air Gleann Srath Fharair, siar air Inbhir Nis. ’S ann ann an troighean a tha na h-àirdean.
Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Bhathar a’ cur na gearra gu feum ann an diofar leigheasan. Bha a domblas air a chleachdadh airson tinneasan sùla, bhathar a’ cur a fala air spotan air a’ chraiceann agus bhathar ag ithe a h-eanchainn mar leigheas airson ceann a bha fìor ghoirt. Bha measgachadh de dh’fhuil agus bian gearra air a chur gu feum airson dèiligeadh ri stad-maistir agus clachan aotromain.

Bidh gearran cuideachd a’ nochdadh ann an abairtean agus seanfhaclan. Mar eisimpleir – Cho luath ʼs gu bheil a’ gheàrr, beirear oirre agus – Is deacair geàrr a chur às an tom anns nach bi i. Bhathar a’ creidsinn gun tigeadh deagh fhortain air duine nam faicte geàrr a’ ruith anns an oisean mu dheireadh de dh’achadh far an robhar a’ buain arbhair. Ge-tà, thigeadh droch fhortan ort nam biodh tu a’ coinneachadh ri geàrr aig toiseach turas fada. Sgrìobh an Cuimreach ioma-thàlantach, Edward Llwyd, gum biodh na Gàidheil Albannach diombach de gheàrr a thigeadh faisg orra air talamh àrd.

Tha dùil gum biodh sin a’ buntainn ris a’ Gheàrr-bhàin no Maigheach-bhàn (Lepus timidus); ’s urrainn geal no monadh (m.e. maigheach-mhonaidh) a dhol an àite bàn anns an ainm fhillte. Anns a’ chuid mhòir de shuidheachaidhean beul-aithriseach, chan eilear a’ dèanamh sgaradh eadar a’ mhaigheach-dhonn no geàrr-dhonn (Lepus europaeus), a tha a’ fuireach air talamh ìosal, agus tè bhàn nam beann.

Maigheach-bhàn no Geàrr-bhàn. Bidh i bàn a-mhàin anns a’ gheamhradh. ©Lorne Gill/NàdarAlba

Canaidh sinn cuilean-maighich, isean-gearra, piseag-ghearraidh no gearrag ris an fheadhainn òga agus cuach-gearra ris an nead. Cha bhi gearran a’ cladhach toll no coinicear mar a bhios coineanaich; tha iad a’ dèanamh nead feurach le cumadh cuaiche air. Mar ann an cultaran eile, bhathar a’ creidsinn o shean gun robh milleadh-maighich no gearradh-maighich (harelip ann am Beurla) a’ nochdadh an dèidh do mhàthair a bha an dùil leanabh tighinn tarsainn air maigheach air a’ bhlàr a-muigh.

Tha an samhla againn – Cho craicte ri geàrr as t-earrach; chan eil e soilleir ach math dh’fhaodte gun tug an abairt Bheurla ‘as mad as a March hare’ buaidh air sin; co-dhiù, bidh gearran gan giùlan fhèin ann an dòigh mhireach as t-earrach. Bidh daoine a’ guidhe deagh chadal air cuideigin eile le bhith ag ràdh riutha, cadal na maighich ort no cadal nam maigheach ort. Chaidh sin innse dhomh barrachd air aon turas am measg Gàidheil Cheap Bhreatainn nuair a bha mi thall. Chan eil e soilleir dhomh am bi gearran a’ faighinn cadal math ann an dha-rìridh oir nach bi iad aig amannan air an casan air an oidhche, a’ cur bainne nam bò fo gheasaibh?! Math dh’fhaodte gu bheil an abairt ceangailte ri gnothach no creideamh a bhuineadh do linn nam pàganach no don t-saoghal os-nàdarrach.

Bha am bloga seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in Uncategorized, Gaelic, Folklore, Mountain hare, mammals and tagged , , , , , . Bookmark the permalink.