A’ tilleadh air thòir nam maorach as t-Sultain – The ‘r’ returns and so do the shellfish hunters!

A’ tilleadh air thòir nam maorach as t-Sultain

’S ann as t-Sultain a bhios mòran de luchd-rùrachd a’ chladaich a’ tilleadh don tràigh-mhaorach, mar a mhìnicheas Ruairidh MacIlleathain:

shells

Tha e na chleachdadh cumanta gun a bhith a’ rùrachd airson maoraich a’ chladaich thar mìosan an t-samhraidh nuair nach eil ‘r’ ann an ainm Beurla a’ mhìos (Cèitean – Lùnastal). ’S e as coireach ri sin gum bi maoraich uaireannan a’ gabhail a-steach puinnsean a th’ air a dhèanamh le algae na mara nuair as blàithe a tha a’ mhuir. Mar sin, ’s e an t-Sultain àm math airson luchd-rùrachd, agus iad a’ cruinneachadh choilleagan (shrùbain) is muirsgianan air an tràigh-ghainmhich, agus faochagan is feusgain air a’ chladach chreagach. ’S e an reothairt aig co-fhad-thràth an fhoghair (21 Sultain) an t-àm as fheàrr aig mòran airson tòiseachadh, ged a bhios luchd-cruinneachaidh mhuirsgianan uaireannan a’ fàgail a’ ghnothaich gu ciad ghealach-làn na Dàmhair. Cuimhnichibh a bhith caomhnach nuair a tha sibh a’ buain mhaorach.

 

The ‘r’ returns and so do the shellfish hunters!

September is a month for many coastal food foragers to return to gathering shellfish, as Roddy Maclean explains:

 

It’s a common practice to forgo the collection of marine shellfish for food during the summer months whose English names do not contain the letter ‘r’ (ie May to August). The reason is the potential for a concentration of algal toxins within the edible flesh of shellfish species when the sea is at its warmest. September therefore heralds a time of great anticipation for shellfish foragers, when they return to forage on the seashore, with many of them looking forward to renewing their culinary acquaintance with such species as cockles and razor fish on the strand, and winkles and mussels on the rocky shore. The ‘spring’ tide at the autumn equinox (around 21 September) is a good time to start for many, although some razor fish fanciers favour the full moon in early October. Remember to apply conservation ethics when harvesting shellfish.

This entry was posted in Uncategorized. Bookmark the permalink.